No ma bha fhios gun do ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus nach do ghlèidh a shealbhadair a‑staigh e, gu cinnteach ìocaidh e damh airson daimh, agus is leis fhèin am marbh.
Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.
Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs.
An sin aidichidh iad am peacadh a rinn iad: agus nì e co‑leasachadh airson a eucorach anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid dheth ris, agus bheir e sin dhàsan air an do rinn e an eucoir.
Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.