Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mura taitinn i ra maighistir, a rinn ceangal-pòsaidh rithe, an sin bheir e fa‑near gum fuasglar i: ri cinneach coimheach cha bhi comas aige a reiceadh, do bhrìgh gun do bhuin e gu cealgach rithe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Esau nach do thaitinn nigheanan Chanàain ra athair Isaac,

Mheall mo bhràithrean mi mar shruth: mar neart nan sruth ghabh iad seachad;

Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich.

Agus ma cheangail e ra mhac i, a rèir modh nan nighean nì e rithe.

Agus thubhairt Maois, Feuch, thèid mise a‑mach uat, agus guidhidh mi air an Tighearna gum falbh na cuileagan o Phàraoh, o a sheirbhisich, agus o a shluagh, a‑màireach: ach na buineadh Phàraoh gu cealgach tuilleadh, ann an diùltadh leigeadh don t‑sluagh dol a dh’ìobradh don Tighearna.

Agus nì mi am fearann fàs, a chionn gun do chuir iad an gnìomh euceart, deir an Tighearna Dia.

Agus cò e an duine a rinn ceangal-pòsaidh ri mnaoi, agus nach do ghabh da ionnsaigh i? Rachadh e agus tilleadh e da thaigh, air eagal gum bàsaich e anns a’ chath, agus gun gabh neach eile i da ionnsaigh.

An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo-thimcheall-gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean.

Uime sin, ma bhuin sibh gu fìrinneach agus gu treibhdhireach ri Ierubàal agus ra thaigh an‑diugh, dèanaibh gàirdeachas ann an Abimelech, agus dèanadh esan mar an ceudna gàirdeachas annaibh-se:

Agus bha Saul ro‑fheargach, agus mhì-thaitinn an ràdh sin ris; agus thubhairt e, Thug iad do Dhaibhidh deich mìltean, agus dhòmhsa cha tug iad ach mìltean; agus ciod tuilleadh a dh’fhaodas a bhith aige ach an rìoghachd?

Ach mhì-thaitinn an nì ri Samuel, nuair a thubhairt iad, Thoir dhuinn rìgh gu breith a thoirt oirnn: agus rinn Samuel ùrnaigh ris an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan