Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nì esan dom buin an sloc suas an calldachd, bheir e airgead dan sealbhadair, agus is leis fhèin am beathach marbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dìolaidh e an t‑uan ceithir uairean, do bhrìgh gun do rinn e an nì seo, agus a chionn nach do chaomhain e.

Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann:

Agus ma reubas damh neach air bith damh neach eile, agus gum faigh e bàs, an sin reicidh iad an damh beò, agus roinnidh iad an t‑airgead a fhuaireadh air a shon, agus roinnidh iad mar an ceudna an damh marbh.

Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e.

Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.

Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh.

Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.

Ma bheir an t‑aingidh air ais an geall, agus gun aisig e a‑rìs an nì a ghoid e, gun gluais e ann an reachdan na beatha, gun aingidheachd a chur an gnìomh; mairidh e gu deimhinn beò, chan fhaigh e bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan