An dìolar olc airson maith? Gu cinnteach chladhaich iad sloc airson m’anama. Cuimhnich cionnas a sheas mi ann ad fhianais, a dhèanamh eadar-ghuidhe a‑chum an leas, a thionndadh do chorraich air falbh uapa.
Cluinnear gaoir as an taighean, an tràth bheir thusa feachd orra gu h‑obann; oir chladhaich iad sloc gu mise a ghlacadh, agus shuidhich iad lìontan airson mo chas.