Ma reubas an damh òglach no banoglach, bheir e deich-secel-ar‑fhichead airgid dam maighistir, agus clachar an damh.
An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Eiphit.
Mas mac a reub e le a adhairc, no mas nighean a reub e, a rèir a’ bhreitheanais seo nìthear ris.
Agus ma dh’fhosglas duine sloc, no ma chladhaicheas duine sloc, agus nach còmhdaich e e, agus gun tuit damh no asal ann:
Agus cheannaich mi achadh Hanameeil, mac bràthar-m’athar, a bha ann an Anatot, agus thomhais mi dha an t‑airgead, seachd-seceil-deug airgid.
Agus thubhairt e, Ciod a bheir sibh dhòmhsa, agus brathaidh mi dhuibh e? Agus chòrd iad ris air dheich-buinn-fhichead airgid.
Ach chuir e e fhèin ann an dìmeas, a’ gabhail air fhèin cruth seirbhisich, air a dhèanamh ann an coslas dhaoine: