Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan.
Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs.
Nuair a ghabhas tu cunntas chloinn Israeil a rèir an àireimh, an sin bheir gach duine dhiubh èirig airson a anama don Tighearna, nuair a dh’àirmheas tu iad; a‑chum nach bi plàigh nam measg, nuair a dh’àirmheas tu iad.