Agus ma reubas damh duine no bean le a adhairc, agus gum faigh e bàs, gu cinnteach clachar an damh, agus chan ithear a fheòil; ach bidh sealbhadair an daimh neochiontach.
Ach ma ghnàthaich an damh sàthadh le a adhaircean anns an aimsir roimhe sin, agus gun do dhearbhadh sin da shealbhadair, agus nach do ghlèidh e a‑staigh e, agus gun do mharbh e duine no bean, clachar an damh, agus cuirear mar an ceudna a shealbhadair gu bàs.