Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma bhuaileas duine sùil a òglaich, no sùil a bhanoglaich, agus gum mill e i, leigidh e as saor e airson a shùla.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis mar fheòil ar bràithrean tha ar feòil-ne, mar am mic-san ar mic-ne; ach feuch, tha sinn a’ toirt thairis ar mac agus ar nigheanan gu bhith nan tràillean, agus tha cuid de ar nigheanan air an toirt thairis cheana, agus gun chomas againn am fuasgladh, nuair a tha ar fearann agus ar fìon-liosan aig daoine eile.

Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.

A chumail còir ris an dìlleachdan agus ris an truaghan, a‑chum nach dèan duine on ùir fòirneart nas mò.

Nuair a nì e rannsachadh air fuil, cuimhnichidh e orra; cha dìochuimhnich e glaodh nam bochd.

Agus ma bhuaileas duine a òglach no a bhanoglach le slait, agus gum bàsaich e fo a làimh, dìolar air gu deimhinn:

Sùil airson sùla, fiacail airson fiacla, làmh airson làimhe, cas airson coise,

Losgadh airson losgaidh, lot airson lotaidh, buille airson buille.

Agus ma chuireas e fiacail as a òglach, no fiacail as a bhanoglaich, leigidh e as saor e airson a fhiacla.

Agus a mhaighistirean, dèanaibh-se na nithean ceudna dhaibhsan, a’ leigeadh dhibh bagraidh: air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil ur maighistir fhèin air nèamh mar an ceudna, agus nach eil gnùis-bhreith maille ris.

Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.

A mhaighistirean, thugaibh dur seirbhisich an nì sin a tha ceart agus cothromach, air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil agaibh fhèin maighistir mar an ceudna air nèamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan