Agus thubhairt an Tighearna ris, Uime sin ge bè air bith a mharbhas Càin, nìthear a sheachd uiread de dhìoghaltas air. Agus chuir an Tighearna comharradh air Càin, a‑chum ge bè neach a gheibheadh e nach marbhadh e e.
Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.
Oir is esan seirbhiseach Dhè a‑chum maith dhut. Ach ma nì thu an t‑olc, biodh eagal ort; oir chan ann gu dìomhain a tha e a’ giùlan a’ chlaidheimh: oir is e seirbhiseach Dhè e, na dhìoghaltair feirge air an tì a nì olc.