Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma cheannaicheas tu òglach Eabhraidheach, sia bliadhna nì e seirbhis; agus anns an t‑seachdamh thèid e a‑mach saor, an asgaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Uime sin, gun tugadh Dia dhut de dhrùchd nèimh, agus de reamhrachd na talmhainn, agus pailteas arbhair agus fìona:

Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iàcob mar ainm air? Oir thàinig e fodham an dà uair seo: thug e leis mo chòir-bhreithe; agus, feuch, a‑nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghlèidh thu dhòmhsa beannachadh?

A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige.

Agus thubhairt mi riu, Shaor sinne, a rèir ar comais, ar bràithrean na h‑Iùdhaich a reiceadh ris na cinnich, agus an reic sibhse mar an ceudna ur bràithrean, agus an reicear iad rinn fhèin? Ach bha iad nan tosd, agus cha d’fhuair iad nì air bith ri ràdh.

Agus gach seirbhiseach duine, a cheannaicheadh le airgead, nuair a thimcheall-ghearras tu e, an sin ithidh e dhith.

Mas ann a‑mhàin leis fhèin a thàinig e a‑steach, leis fhèin thèid e a‑mach; ma bha bean aige, thèid mar an ceudna a bhean a‑mach maille ris.

Agus ma reiceas duine a nighean gu bhith na banoglaich, cha tèid i a‑mach mar a thèid na h‑òglaich.

Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.

Agus mura fuasglar e anns na bliadhnachan sin, an sin thèid e a‑mach ann am bliadhna na h‑Iubile, e fhèin agus a chlann maille ris.

Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh.

Oir cheannaicheadh le luach sibh: uime sin thugaibh glòir do Dhia le ur corp, agus le ur spiorad, as le Dia.

An ceann gach seachd bliadhna nì thu fuasgladh.

Na measar e cruaidh leat, nuair a chuireas tu uat saor e; oir bha e dà uair cho math dhutsa ri seirbhiseach tuarasdail, le seirbhis a dhèanamh dhut sia bliadhna: agus beannaichidh an Tighearna do Dhia thu anns gach nì a nì thu.

Agus dh’àithn Maois dhaibh, ag ràdh, Aig ceann gach seachd bliadhna, ann an àm òrdaichte bliadhna an fhuasglaidh, aig fèill nam pàillean,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan