Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.
Fanadh i air ceann Ioaib, agus air taigh a athar uile, agus na biodh a dhìth air taigh Ioaib neach air am bi silteach, no a bhios na lobhar, no dan èiginn siubhal le bata, no a thuiteas air claidheamh, no air am bi easbhaidh arain.
Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Gabhaidh seann daoine agus seana mhnathan còmhnaidh fhathast ann an sràidean Ierusaleim, agus gach duine le a luirg na làimh le ro‑aois.