Agus bha aig do bhanoglaich dithis mhac, agus chaidh iad a‑mach air a chèile anns an achadh, agus cha robh neach ann a chuireadh eatorra: agus bhuail fear dhiubh am fear eile, agus mharbh e e.
Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach?
Ma dh’èireas e, agus gun siubhail e a‑mach air a luirg, an sin saorar esan a bhuail e; a‑mhàin dìolaidh e airson call a ùine, agus bheir e fa‑near a leigheas gu h‑iomlan.
Agus ma nì daoine còmhstri, agus gum buail iad bean thorrach, agus gun dealaich i ra cloinn, ach nach faigh i bàs; cuirear gu cinnteach ùnlagh air, a rèir mar a chuireas fear na mnà air, agus bheir e seachad mar a dh’òrdaicheas na britheamhan.
Nuair a bhios daoine ri còmhstri cuideachd, neach ri neach eile, agus gun tig bean aoin dhiubh am fagas a dh’fhuasgladh a fir-phòsda à làimh an fhir a tha ga bhualadh, agus gun sìn i a‑mach a làmh, agus gun gabh i greim air a bhuill dhiamhair,