Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin chaidh Midianaich seachad, ceannaichean; agus tharraing iad agus thog iad suas Iòseph as an t‑sloc, agus reic iad Iòseph ris na h‑Ismaelich air fichead bonn airgid. Agus thug iadsan Iòseph don Eiphit.

Oir, gu deimhinn, ghoideadh air falbh mi à tìr nan Eabhraidheach, agus, mar an ceudna, an seo cha do rinn mi nì sam bith gun cuireadh anns an t‑sloc mi.

Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e.

Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.

Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

Bathair òir, agus airgid, agus chlach luachmhor, agus neamhnaidean, agus lìon-aodaich ghrinn, agus phurpair, agus shìoda, agus sgàrlaid, agus gach uile ghnè fhiodh thine, agus gach uile ghnè shoithichean ìbhiridh, agus gach uile ghnè shoithichean de fhiodh ro‑luachmhor, agus de umha, agus de iarann, agus de mharmor,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan