Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 21:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Esan a bhuaileas duine, air chor is gum bàsaich e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus gu deimhinn fuil ur beatha-se iarraidh mise; air làimh gach beathaich iarraidh mi i, agus air làimh an duine; air làimh bràthair gach duine iarraidh mi beatha an duine.

Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine.

Agus thubhairt Daibhidh ri Nàtan, Pheacaich mi an aghaidh an Tighearna. Agus thubhairt Nàtan ri Daibhidh, Mar an ceudna chuir an Tighearna air falbh do pheacadh: chan fhaigh thu bàs.

Agus mura dèan e na trì nithean sin rithe, an sin thèid i a‑mach saor gun airgead.

Agus esan a mharbhas duine sam bith, cuirear gun teagamh gu bàs e.

An sin thubhairt Iosa ris, Cuir a‑rìs do chlaidheamh air ais na ionad fhèin, oir iadsan uile a ghlacas an claidheamh, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.

Mallaichte gu robh esan a bhuaileas a choimhearsnach gu h‑uaigneach: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan