Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Sia làithean cruinnichidh sibh e, ach air an t‑seachdamh là bidh an t‑sàbaid; cha bhi e ann air an là sin.

Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

Sia làithean faodar obair a dhèanamh, ach anns an t‑seachdamh tha sàbaid fhois, naomh don Tighearna: gach neach a nì obair air là na sàbaid, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Sia làithean nì thu obair, ach air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois: ann an àm an treabhaidh agus anns an fhoghar gabhaidh tu fois.

Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.

Chan fhadaidh sibh teine sam bith air feadh ur n‑àiteachan-còmhnaidh air là na sàbaid.

Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte.

Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.

Sia làithean saothraichidh tu, agus nì thu d’obair uile;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan