Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuimhnich là na sàbaid a naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus chrìochnaich Dia air an t‑seachdamh là a obair a rinn e; agus ghabh e fois air an t‑seachdamh là o a obair uile a rinn e.

Agus bheannaich Dia an seachdamh là, agus naomhaich e e: do bhrìgh gur ann air a ghabh e fois o a obair uile a chruthaich Dia agus a rinn e.

Anns na làithean sin chunnaic mi ann an Iùdah daoine a’ saltairt fhìon-amar air an t‑sàbaid, agus a’ toirt a‑steach sguab, agus a’ cur luchd air asalan; agus mar an ceudna fìon, fìondhearcan, agus fìgean, agus gach gnè eallaich, a thug iad a‑steach do Ierusalem air là na sàbaid: agus thug mi fianais nan aghaidh air an là air an do reic iad biadh.

Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach:

Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.

Agus labhair an Tighearna ri Maois, ag ràdh,

Agus chruinnich Maois coitheanal chloinn Israeil uile ri chèile, agus thubhairt e riu, Sin na nithean a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh iad.

Is beannaichte an duine a nì seo, agus mac an duine a nì greim air; a choimheadas an t‑sàbaid gun a mì‑naomhachadh, agus a choimheadas a làmh o aon olc a dhèanamh.

Ma thilleas tu air falbh do chas on t‑sàbaid, o do thoil fhèin a dhèanamh air mo là naomh-sa; agus gun abair thu ris an t‑sàbaid, Toil-inntinn; ri là naomh an Tighearna, Urramach; agus gun tabhair thu onoir dhi, gun a bhith a’ leantainn do shlighean fhèin, no a’ gabhail do shòlais fhèin, no a’ labhairt do bhriathran fhèin;

Mar seo deir an Tighearna, Thugaibh aire dhuibh fhèin, agus na giùlainibh uallach air bith air là na sàbaid, agus na tugaibh a‑steach i air geatachan Ierusaleim;

Cha mhò a bheir sibh a‑mach uallach as ur taighean air là na sàbaid, cha mhò a nì sibh obair air bith, ach naomhaichibh là na sàbaid, mar a dh’àithn mise do ur n‑athraichean.

Ach tàrlaidh, ma dh’èisdeas sibh gu cùramach riumsa, deir an Tighearna, gun uallach sam bith a thoirt a‑steach tro gheatachan a’ bhaile seo air là na sàbaid, ach là na sàbaid a naomhachadh, gun obair sam bith a dhèanamh air:

Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad nan comharradh eadar mise agus sibhse, a‑chum gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.

Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.

Gleidhidh sibh mo shàbaidean agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.

Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.

Gleidhidh sibh mo shàbaidean, agus bheir sibh urram dom ionad naomh: Is mise an Tighearna.

Agus nuair a bha clann Israeil anns an fhàsach, fhuair iad duine a’ tional mhaidean air là na sàbaid.

Thoir an aire là na sàbaid a naomhachadh, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan