Agus thubhairt mi, Guidheam ort, a Thighearna Dhè nan nèamh, an Dia mòr agus uamhasach, a ghleidheas coicheangal agus tròcair dhaibhsan a ghràdhaicheas e, agus a choimheadas a àitheantan;
A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.
Taisbeanaidh tu coibhneas gràdhach do mhìltean, agus dìolaidh tu aingidheachd nan athraichean ann an uchd an cloinne nan dèidh; an Dia mòr, cumhachdach, don ainm Tighearna nan sluagh;
Agus rinn mi ùrnaigh ris an Tighearna mo Dhia, agus rinn mi m’aidmheil, agus thubhairt mi, O Thighearna, an Dia mòr, agus uamhasach, a tha a’ cumail coicheangail agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus don dream a choimheadas a àitheantan:
Tha an Tighearna fad-fhulangach agus mòr-thròcaireach, a’ toirt maitheanais ann an aingidheachd, agus ann an easaontas, agus air chor sam bith nach saor an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach.
An tì aig a bheil m’àitheantan-sa, agus a tha gan coimhead, is esan aig a bheil gràdh dhòmhsa: agus an tì aig a bheil gràdh dhòmhsa, gràdhaichear lem Athair e, agus gràdhaichidh mise e, agus foillsichidh mi mi fhèin dha.
Agus a chionn gun do ghràdhaich e d’athraichean, uime sin thagh e an sliochd nan dèidh, agus thug e thusa a‑mach na shealladh, le a chumhachd mòr, as an Eiphit;
O gum biodh an gnè cridhe seo annta, gum biodh m’eagal-sa orra, agus gun gleidheadh iad m’àitheantan uile a‑ghnàth, a‑chum gun èireadh gu math dhaibh, agus dan cloinn gu bràth!
Biodh fhios agad uime sin, an Tighearna do Dhia gur esan Dia, an Dia fìrinneach, a chumas coicheangal agus tròcair riùsan a ghràdhaicheas e, agus a ghleidheas a àitheantan, gu mìle ginealach;