Ecsodus 20:5Am Bìoball Gàidhlig 1992Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi; Faic an caibideil |
Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh-sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo.
Agus chan eil aon neach a’ toirt fa‑near na chridhe, cha mhò a tha eòlas no tuigse aige gu a ràdh, Loisg mi cuid dheth as an teine, dheasaich mi fòs aran air èibhlean dheth; ròist mi feòil agus dh’ith mi, agus an dèan mi am fuidheall dheth na ghràinealachd? An crom mi mi fhèin sìos do bhun craoibhe?
Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.