Ecsodus 20:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Na dèan dhut fhèin dealbh snaidhte no coslas sam bith a dh’aon nì, a tha anns na nèamhan shuas, no air an talamh shìos, no anns na h‑uisgeachan fon talamh. Faic an caibideil |
Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.
Agus chuir e a‑mach cumachd làimhe, agus ghlac e mi air dual dem cheann, agus thog an spiorad suas mi eadar talamh agus nèamh, agus thug e mi ann an taisbeanaidhean Dhè gu Ierusalem, gu doras a’ gheata as fhaide a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird a tuath, far an robh àite ìomhaigh an eud, a bhrosnaicheas gu eud.