Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha mhò a thèid thu suas air ceuman a dh’ionnsaigh m’altarach, a‑chum nach leigear ris do lomnochdaidh oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Is adhbhar eagail Dia gu mòr ann an coitheanal nan naomh, agus is còir urram a thoirt dha os an cionn-san uile a tha mun cuairt dha.

Agus nì thu dhaibh briogaisean anairt a dh’fhalach an nochd: on leasraidh eadhon gus na slèisdean ruigidh iad.

Agus bidh iad air Aaron, agus air a mhic, nuair a thig iad a‑steach do phàillean a’ choitheanail, no nuair a thig iad am fagas don altair, a fhrithealadh anns an ionad naomh; a‑chum is nach giùlain iad aingidheachd, agus nach faigh iad bàs: bidh e na reachd sìorraidh dha fhèin, agus da shliochd na dhèidh.

Coimhead do chas nuair a thèid thu do thaigh Dhè, agus bi nas deise gu cluinntinn na gu ìobairt nan amadan a thabhairt; oir chan eil iad sin a’ toirt an aire gu bheil iad a’ dèanamh uilc.

Agus bidh am bonn ceithir làmhan-coille deug air fad, agus ceithir-deug air leud na cheithir cheàrnan; agus bidh an oir mun cuairt oirre leth làmh-choille; agus bidh a bonn làmh-choille mun cuairt, agus amhaircidh a ceuman ris an àird an ear.

An sin thubhairt Maois ri Aaron, Is e seo an nì a labhair an Tighearna, ag ràdh, Anntasan a thig am fagas dhomh naomhaichear mise, agus an làthair an t‑sluaigh uile glòraichear mi. Agus dh’fhan Aaron na thosd.

Do bhrìgh gu bheil e sgrìobhte, Bithibh-se naomh, oir tha mise naomh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan