Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha an taigh ga thogail, thogadh e de chlachan air an cumadh mun tugadh da ionnsaigh iad: agus cha chualas òrd no tuagh, no inneal iarainn sam bith, anns an taigh, nuair a bha e ga thogail.

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus bha na ceithir clàir de chloich shnaidhte airson na h‑ìobairt-loisgte, làmh-choille gu leth air fad, agus làmh-choille gu leth air leud, agus aon làmh-choille air àirde; air an do leag iad mar an ceudna an acfhainn leis an do mharbh iad an tabhartas-loisgte agus an ìobairt.

Mar a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, do chloinn Israeil, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar-lagha Mhaois, altair de chlachan slàna, air nach do thog duine sam bith suas iarann; agus thug iad suas oirre ìobairtean-loisgte don Tighearna, agus dh’ìobair iad tabhartasan-sìth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan