Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Altair de thalamh nì thu dhòmhsa, agus ìobraidh tu oirre do thabhartasan-loisgte, agus do thabhartasan-sìthe, do chaoraich, agus do dhaimh: anns gach àit anns an toir mise fa‑near gun cuimhnichear m’ainm, thig mi ad ionnsaigh, agus beannaichidh mi thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

44 Iomraidhean Croise  

Agus nì mi thu ad chinneach mòr, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi d’ainm mòr: agus bidh tu ad bheannachadh.

Agus dh’innseadh do rìgh Daibhidh, ag ràdh, Bheannaich an Tighearna taigh Obed-edoim, agus gach nì a bhuineas dha, airson àirc Dhè. Uime sin dh’fhalbh Daibhidh, agus thug e a‑nìos àirc Dhè à taigh Obed-edoim gu baile Dhaibhidh le gàirdeachas.

A‑chum gum bi do shùilean fosgailte ris an taigh seo a dh’oidhche agus a là; eadhon ris an àite mun dubhairt thu, Bidh m’ainm an sin: a‑chum gun èisd thu ris an ùrnaigh a nì do sheirbhiseach a dh’ionnsaigh an àite seo.

Eisd thusa o na nèamhan, d’àite-còmhnaidh, agus dèan a rèir nan uile nithean mun glaodh an coigreach riut: air chor is gum bi eòlas aig uile shlòigh na talmhainn air d’ainm-sa, a‑chum gum bi eagal orra romhad mar a tha air do shluagh Israel, agus gum bi fhios aca gu bheil an taigh seo a thog mise air ainmeachadh ort.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Chuala mi d’ùrnaigh agus d’athchuinge a chuir thu suas am fhianais: naomhaich mi an taigh seo a thog thu, a chur m’ainme an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus thubhairt Nàaman, Nach toirear, matà, guidheam ort, dod sheirbhiseach èire dhà mhuileid de thalamh? Oir cha toir do sheirbhiseach suas à seo a‑mach tabhartas-loisgte no ìobairt do dhiathan air bith eile, ach don Tighearna.

Agus dhaingnich rìgh Rehobòam e fhèin ann an Ierusalem, agus rìghich e. A‑nis bha Rehobòam aon agus dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e seachd-bliadhna-deug ann an Ierusalem, am baile a thagh an Tighearna a‑mach à uile threubhan Israeil a chur a ainme an sin: agus b’e ainm a mhàthar Nàamah, Ban-Amonach.

Ach a‑nis thagh mi Ierusalem, a‑chum gum biodh m’ainm an sin; agus thagh mi Daibhidh gu bhith os cionn mo shluaigh Israel.

Oir a‑nis thagh mi agus naomhaich mi an taigh seo, a‑chum gum bi m’ainm an sin gu bràth; agus bidh mo shùilean agus mo chridhe an sin gach là.

Agus an Dia a thug air a ainm còmhnaidh a ghabhail an sin, gun sgriosadh esan na rìghrean sin uile, agus an sluagh a shìneas a‑mach an làmh a dh’atharrachadh agus a sgrios taigh Dhè a tha ann an Ierusalem. Thug mise Darius òrdagh seachad; dèanar an nì gu luath.

Ach ma thilleas sibh am ionnsaigh agus gun coimhead sibh m’àitheantan, agus gun dèan sibh iad, ged robh iad dhibh air an tilgeadh a‑mach don chuid as iomallaiche de nèamh, cruinnichidh mi as a sin iad, agus bheir mi iad don àit a thagh mi, a chur m’ainme an sin.

Iomchairidh mi mi fhèin gu glic air slighe ionraic. O cuin a thig thu am ionnsaigh? Gluaisidh mi ann an ionracas mo chridhe ann am meadhon mo thaighe.

Seasaidh ar casan an taobh a‑staigh ded gheatachan, O Ierusaleim.

Beannaichidh an Tighearna thu a Sion, agus chì thu math Ierusaleim rè uile làithean do bheatha.

Beannaicheadh an Tighearna thu a Sion, a rinn nèamh agus talamh.

Chuir iad ri theine d’ionad naomh gu ruig an làr; thruaill iad pàillean d’ainme-sa.

Agus ann an Sàlem tha a phàillean, agus a ionad-còmhnaidh ann an Sion.

Ach thagh e treubh Iùdah, sliabh Shioin a ghràdhaich e;

Agus thubhairt Maois, Feumaidh tu, mar an ceudna, ìobairtean a thoirt dhuinn, agus tabhartasan-loisgte, a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia.

Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.

Agus ma nì thu altair chloiche dhomh, cha tog thu i le cloich shnaidhte; oir ma thogas tu d’inneal-snaidhidh suas oirre, truaillidh tu i.

Agus sgrìobh Maois briathran an Tighearna uile, agus dh’èirich e gu moch anns a’ mhadainn, agus thog e altair fon t‑sliabh, agus dà‑charragh-dheug a rèir dà‑threubh-dheug Israeil.

Agus chuir e uaithe òganaich de chloinn Israeil, agus thug iad suas tabhartasan-loisgte, agus dh’ìobair iad ìobairtean-sìthe de dhaimh don Tighearna.

Agus nì thu altair de fhiodh sitim; còig làmhan-coille air fad, agus còig làmhan-coille air leud; bidh an altair ceithir-cheàrnach, agus a h‑àirde trì làmhan-coille.

Tha thu a’ teachd an còdhail an tì a tha a’ gabhail tlachd ann an ceartas a dhèanamh; a’ mhuinntir a tha cuimhneach ortsa ann ad shlighean: feuch, tha corraich ort, oir pheacaich sinne; eadhon riùsan o shean, ach tha sinn air ar tèarnadh;

Agus nach toir e gu doras pàillean a’ choitheanail, a‑chum a ìobradh don Tighearna; gearrar eadhon an duine sin as o mheasg a shluaigh.

Oir, o èirigh na grèine gu ruig a dol sìos, bidh m’ainm-sa mòr am measg nan cinneach; agus anns gach àite tairgear tùis dom ainm-sa, agus tabhartas fìorghlan: oir bidh m’ainm mòr am measg nan cinneach, deir Tighearna nan sluagh.

Oir ge bè àite anns a bheil dithis no triùir air an cruinneachadh an ceann a chèile ann am ainm-sa, tha mise an sin nam meadhon.

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

An sin bidh àit ann a thaghas an Tighearna ur Dia, a thoirt air a ainm còmhnaidh a ghabhail ann: gu sin bheir sibh na h‑uile nithean a tha mise ag àithneadh dhuibh; ur tabhartasan-loisgte, agus ur n‑ìobairtean, ur deicheamh, agus tabhartasan-togte ur làimhe, agus taghadh ur bòidean uile a bhòidicheas sibh don Tighearna.

Ma bhios an t‑àit a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme an sin, ro‑fhada uat, an sin marbhaidh tu ded bhuar, agus ded threud, a thug an Tighearna dhut, mar a dh’àithn mise dhut, agus ithidh tu an taobh a‑staigh ded gheatachan gach nì as miannach led anam.

Ach a dh’ionnsaigh an àit a roghnaicheas an Tighearna ur Dia as ur treubhan uile, a‑chum a ainm a chur an sin, eadhon a dh’ionnsaigh a àite-còmhnaidh-san iarraidh sibh, agus gu sin thig thu.

Agus ithidh tu am fianais an Tighearna do Dhia, anns an àit a thaghas e a‑chum a ainm a chur an sin, deicheamh d’arbhair, d’fhìona, agus d’ola, agus ciad-ghin do chruidh, agus do chaorach; a‑chum gum fòghlaim thu eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort a‑ghnàth.

Agus nì thu gàirdeachas an làthair an Tighearna do Dhia, thu fhèin, agus do mhac, agus do nighean, agus d’òglach, agus do bhanoglach, agus an Lèbhitheach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, agus an coigreach, agus an dìlleachdan, agus a’ bhantrach, a tha nur measg, anns an ionad a thagh an Tighearna do Dhia a chur a ainme ann.

An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin.

Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut.

Uime sin is àill leam na fir a dhèanamh ùrnaigh anns gach àit, a’ togail suas làmhan naomha gun fheirg, gun amharas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan