Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, oir is ann a‑chum ur dearbhadh a thàinig Dia, agus a‑chum gum bi a eagal-san oirbh, air chor is nach peacaich sibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.

Agus an dèidh nan nithean sin dhearbh Dia Abrahàm, agus thubhairt e ris, Abrahàim: agus thubhairt e, Feuch, tha mi an seo.

Agus thubhairt e, Na leag do làmh air a’ ghille, agus na dèan nì sam bith air: oir a‑nis tha mi fiosrach gu bheil eagal Dhè ort, do bhrìgh nach do chùm thu do mhac, eadhon d’aon mhac, uamsa.

Ach bha na ciad uachdarain a bha romham trom air an t‑sluagh, agus ghabh iad uapa aran agus fìon, a thuilleadh air dà‑fhichead secel airgid; rinn eadhon an òglaich aintighearnas air an t‑sluagh: ach cha do rinn mise mar sin air eagal Dhè.

Agus thubhairt e ris an duine, Feuch, eagal an Tighearna, is e sin gliocas; agus an t‑olc a thrèigsinn, tuigse.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Is e eagal an Tighearna tùs an eòlais: air gliocas agus teagasg nì amadain tàir.

Trìd tròcair agus fìrinn glanar euceart; agus trìd eagal an Tighearna trèigear an t‑olc.

Na bi glic ad shùilean fhèin; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; na biodh geilt ort, oir is mise do Dhia; neartaichidh mi thu; seadh, cuidichidh mi thu; seadh, cumaidh mi suas thu le deaslàimh m’fhìreantachd.

Oir tha mise, an Tighearna do Dhia, gad chumail suas air do làimh dheis; tha mi ag ràdh riut, Na biodh eagal ort, nì mise cobhair ort.

Tighearna nan sluagh, naomhaichibh esan fhèin; agus biodh esan dhuibh na chùis-eagail, agus biodh esan dhuibh na adhbhar ball-chrith.

Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;

Chan èisd thu ri briathran an fhàidh sin, no ris an fhear sin a chì aisling: oir tha an Tighearna ur Dia gur dearbhadh, a dh’fheuchainn a bheil sibh a’ gràdhachadh an Tighearna ur Dia le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.

A‑chum gum biodh eagal an Tighearna do Dhia ort, gun gleidheadh tu a reachdan uile, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic, uile làithean do bheatha, agus a‑chum gum buanaichear do làithean.

Agus dh’àithn an Tighearna dhuinn na reachdan sin uile a dhèanamh, eagal an Tighearna ar Dia a bhith oirnn a‑chum ar maith a‑ghnàth, a‑chum gun gleidheadh e beò sinn, mar air an là‑an‑diugh.

A bheathaich thu anns an fhàsach le mana, nach b’aithne dod athraichean, a‑chum gun irioslaicheadh e thu, agus gun dearbhadh e thu, a dhèanamh maith dhut ann ad làithean deireannach;

Agus cuimhnichidh tu an t‑slighe sin uile air an do threòraich an Tighearna do Dhia thu rè an dà‑fhichead bliadhna seo anns an fhàsach, gud irioslachadh, gud dhearbhadh, a‑chum gum biodh fios ciod a bha ann ad chridhe, an gleidheadh tu a àitheantan, no nach gleidheadh.

A‑nis uime sin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann an treibhdhireas agus ann am fìrinn, agus cuiribh uaibh na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis air taobh thall na h‑aibhne, agus anns an Eiphit, agus dèanaibh seirbhis don Tighearna.

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan