Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

50 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic an sluagh uile e, thuit iad air an aghaidh, agus thubhairt iad, Is e an Tighearna fhèin as Dia ann, is e an Tighearna fhèin as Dia ann.

Oir rinn iad seirbhis do iodhalan, mun dubhairt an Tighearna riu, Cha dèan sibh an nì seo.

Oir thàrladh gun do pheacaich clann Israeil an aghaidh an Tighearna an Dia, a thug a‑nìos iad à tìr na h‑Eiphit, o bhith fo làimh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus bha eagal dhiathan eile orra,

Uime sin thug an Tighearna a Dhia thairis e an làimh rìgh nan Sirianach; agus bhuail iad e, agus thug iad leo mòran dhiubh nam braighdean, agus thug iad iad gu Damascas: agus thugadh mar an ceudna thairis e an làimh rìgh Israeil, a bhuail e le àr mòr.

Eisdibh, O mo shluagh, agus labhraidh mi, O Israeil, agus nì mi fianais ad aghaidh; is mise Dia, do Dhia-sa.

Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit; fosgail do bheul gu farsaing, agus lìonaidh mise e.

Gidheadh cha d’èisd mo shluagh rim ghuth, agus cha do ghabh Israel rium.

Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.

Agus nuair a dh’fheòraicheas do mhac dhìot anns an aimsir ri teachd, ag ràdh, Ciod e seo? An sin their thu ris, Le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sinn as an Eiphit, à taigh na daorsa:

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Cuimhnichibh an là seo, air an tàinig sibh a‑mach as an Eiphit, à taigh na daorsa; oir le làimh thrèin thug an Tighearna a‑mach sibh as a sin: agus chan ithear aran gortaichte.

Threòraich thu ann ad thròcair an sluagh seo a shaor thu; thug thu iad ann ad neart a‑chum àite-còmhnaidh do naomhachd.

Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Agus labhair Dia na briathran seo uile, ag ràdh,

Agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna an Dia, a thug a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is gun gabh mi còmhnaidh nam measg: Is mise an Tighearna an Dia.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Oir is mise an Tighearna do Dhia, Tì naomh Israeil, d’fhear-saoraidh: thug mi an Eiphit ann ad èirig; Etiopia agus Sèba air do shon.

Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns nach abrar nas mò, Mar as beò an Tighearna, a thug a‑nìos clann Israeil à tìr na h‑Eiphit:

Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?

Anns an àm sin, deir an Tighearna, bidh mise ann am Dhia do uile theaghlaichean Israeil, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.

Mar seo tha an Tighearna, Dia Israeil, ag ràdh, Rinn mise coicheangal ri ur n‑athraichean anns an là anns an tug mi iad a mach à tìr na h‑Eiphit, à taigh nan daor, ag ràdh,

Is mise an Tighearna ur Dia; gluaisibh ann am reachdan, agus coimheadaibh mo bhreitheanais, agus dèanaibh iad:

Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia;

An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.

Labhair mi fòs leis na fàidhean, agus rinn mi lìonmhor seallaidhean; agus le frithealadh nam fàidhean ghnàthaich mi cosamhlachdan.

Gidheadh is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑nìos thu o thìr na h‑Eiphit, agus cha bhi aithne agad air dia air bith ach mise; oir chan eil slànaighear ann ach mi.

Oir is mise an Tighearna a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, gu bhith am Dhia agaibh; bidh sibhse uime sin naomh, oir tha mise naomh.

Meidhean cearta, clachan-tomhais cearta, ephah cheart, agus hin cheart bidh agaibh: Is mise an Tighearna ur Dia, a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit.

A‑chum gum bi fhios aig ur ginealaichean gun tug mise air cloinn Israeil còmhnaidh a ghabhail ann am pàilleanan, nuair a thug mi a‑mach iad à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Is mise an Tighearna ur Dia, a thug a‑mach sibh à tìr na h‑Eiphit, a thoirt dhuibh tìr Chanàain, agus a bhith am Dhia agaibh.

Oir is iad mo sheirbhisich-sa, a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: cha reicear iad mar thràillean.

Oir dhòmhsa tha clann Israeil nan seirbhisich; is iadsan mo sheirbhisich-sa a thug mi a‑mach à tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.

Is mise an Tighearna ur Dia a thug sibhse a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum is nach biodh sibh nur tràillean aca; agus bhris mi cuibhreach ur cuinge, agus thug mi oirbh imeachd dìreach.

Fòs thug mi sibhse a‑nìos o thìr na h‑Eiphit, agus stiùir mi sibh tron fhàsach dà‑fhichead bliadhna; a‑chum gun sealbhaicheadh sibh fearann nan Amorach.

Oir chan eil eadar-dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air.

An e Dia nan Iùdhach a‑mhàin e? Nach e mar an ceudna Dia nan Cinneach? Gu deimhinn nan Cinneach mar an ceudna:

Agus clachaidh tu e le clachan, a‑chum gum bàsaich e; a chionn gun d’iarr e do tharraing on Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Agus cuimhnich gu robh thu fhèin ad sheirbhiseach ann an tìr na h‑Eiphit, agus gun tug an Tighearna do Dhia a‑mach as a sin thu, le làimh chumhachdaich agus le gàirdean sìnte a‑mach: uime sin dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut an t‑sàbaid a choimhead.

Is mise an Tighearna do Dhia, a thug a‑mach thusa à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Ach a chionn gun do ghràdhaich an Tighearna sibh, agus a‑chum gun gleidheadh e na mionnan a mhionnaich e dur n‑athraichean, thug an Tighearna a‑mach sibh le làimh chumhachdaich, agus shaor e thu à taigh nan tràillean, à làimh Phàraoh righ na h‑Eiphit.

Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.

Agus thubhairt mi ribh, Is mise an Tighearna ur Dia; na biodh eagal diathan nan Amorach oirbh, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nam fearann: ach cha d’èisd sibh rim ghuth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan