Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.

Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.

Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh-sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò.

Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:

Carson uime sin a thugadh an lagh? Thugadh e airson easaontais, gus an tigeadh an sìol, don do rinneadh an gealladh; air òrdachadh le ainglean ann an làimh eadar-mheadhonair.

A rèir nan uile nithean a dh’iarr thu on Tighearna do Dhia ann an Hòreb, ann an là a’ cho-chruinneachaidh, ag ràdh, Na cluinneam-sa a‑rìs guth an Tighearna mo Dhia, agus na faiceam an teine mòr seo nas mò, a‑chum nach bàsaich mi.

(Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh,

Agus fuaim na trompaid, agus guth nam briathar, ionnas gun do ghuidh an dream a chuala e nach labhairte am facal riu tuilleadh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan