Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha a’ ghrian air dol fodha, bha dorchadas ann, agus, feuch, àmhainn dheataich agus leus teine a chaidh eadar na mìrean sin.

Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.

Ann an teinn ghairm thu, agus shaor mi thu; fhreagair mi thu ann an ionad diamhair an tàirneanaich; dhearbh mi thu làimh ri uisgeachan Mheribah. Selah.

An Dia dlùth do làimh mise, deir an Tighearna? Agus nach Dia mi am fad as?

A rèir nan uile nithean a dh’iarr thu on Tighearna do Dhia ann an Hòreb, ann an là a’ cho-chruinneachaidh, ag ràdh, Na cluinneam-sa a‑rìs guth an Tighearna mo Dhia, agus na faiceam an teine mòr seo nas mò, a‑chum nach bàsaich mi.

A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.

Agus nuair a chuala sibh an guth à meadhon an dorchadais, agus an sliabh a’ losgadh le teine, an sin thàinig sibh am fagas dhòmhsa, eadhon uile cheannardan ur treubhan, agus ur seanairean,

A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn.

Theirig-sa am fagas, agus èisd ris na h‑uile nithean a their an Tighearna ar Dia; agus labhair thusa rinne gach nì a their an Tighearna ar Dia riut, agus èisdidh sinne ris, agus nì sinn e.

(Sheas mise eadar an Tighearna agus sibhse anns an àm sin, a nochdadh dhuibh facal an Tighearna: oir bha eagal oirbh ron teine, agus cha deachaidh sibh suas don t‑sliabh), ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan