Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na sanntaich taigh do choimhearsnaich; na sanntaich bean do choimhearsnaich, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no aon nì as led choimhearsnach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

41 Iomraidhean Croise  

Nach gabh mi o shnàthainn eadhon gu èill bròige, agus nach gabh mi a’ bheag de aon nì as leatsa, a‑chum is nach abair thu, Rinn mi Abram beartach:

Agus chunnaic a’ bhean gu robh a’ chraobh math a‑chum bìdh, agus gu robh i taitneach don t-sùil, agus na craoibh ra miannachadh a dhèanamh neach glic: agus ghabh i de a meas agus dh’ith i, agus thug i mar an ceudna da fear maille rithe, agus dh’ith e.

Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn.

Rinn mi coicheangal rim shùilean: carson, matà, a smaoinichinn air maighdinn?

Ma mhealladh mo chridhe le mnaoi, agus aig doras mo choimhearsnaich ma rinn mi feall-fhalach;

Oir nì an t‑aingidh ràiteachas à miann a chridhe; agus molaidh e an duine sanntach as beag le Dia.

Lùb mo ghlùin gud theisteis, agus chan ann gu sannt.

Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha.

Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe.

Tha duine ann leis fhèin, agus chan eil lethbhreac aige: seadh, chan eil leanabh no bràthair aige; gidheadh chan eil crìoch air a shaothair uile, agus cha sàsaichear a shùil le saoibhreas; cha mhò a their e, Cò airson a bheil mi a’ saothrachadh, agus a’ fàgail m’anama a dh’easbhaidh maith? Is dìomhanas seo mar an ceudna, agus is saothair ghoirt e.

Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;

Airson cionta a shannta bha corraich orm, agus bhuail mi e, a’ falach mo ghnùise ann am feirg; agus dh’imich e roimhe gu fiar, air slighe a chridhe fhèin.

Ach chan eil do shùilean-sa agus do chridhe ach air d’ana-miannan fhèin, agus air fuil nan neochiontach, a‑chum a dòrtadh, agus air sàrachadh agus fòirneart, a‑chum a dhèanamh.

Bha iad mar òg‑eich bhiadhte anns a’ mhadainn; gach aon a’ sitrich an dèidh bean a choimhearsnaich.

Agus tha iad a’ teachd ad ionnsaigh mar chruinneachadh sluaigh, agus tha iad a’ suidhe ann ad làthair mar mo phoball-sa, agus tha iad ag èisdeachd do bhriathran, ach chan eil iad gan dèanamh: oir tha iad a’ taisbeanadh mòran gràidh lem beul, ach tha an cridhe a’ dol an dèidh an sannt.

Agus tha iad a’ sanntachadh mhachraichean, agus gan glacadh le fòirneart; agus thaighean, agus tha iad gan toirt air falbh: mar sin tha iad a’ sàrachadh duine agus a thaighe, duine mhòir agus a oighreachd.

Mo thruaighe esan a tha a’ sanntachadh droch shannt da thaigh; a‑chum a nead a shuidheachadh gu h‑àrd; gu e fhèin a shaoradh o chumhachd àmhghair.

Nach eil e ceadaichte dhòmhsa an nì as àill leam a dhèanamh rim chuid fhèin? A bheil do shùil-sa olc, airson gu bheil mise math?

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach a dh’amhairceas air mnaoi a‑chum a miannachadh, gun do rinn e adhaltranas leatha cheana na chridhe.

Agus thubhairt e riu, Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhèin o shannt: oir chan ann am mòr-phailteas nan nithean a tha e a’ sealbhachadh a tha beatha an duine.

Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile: agus rinn iad fanaid air.

Cha do shanntaich mi airgead, no òr, no aodach duine sam bith.

Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.

Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.

Ciod uime sin a their sinn? A bheil an lagh na pheacadh? Nar leigeadh Dia. Chan eadh, cha b’aithne dhomh peacadh, ach tre an lagh: oir cha bhiodh eòlas agam air sannt, mura abradh an lagh, Na sanntaich.

No gadaichean, no daoine sanntach, no misgeirean, no luchd-ana-cainnt, no luchd-fòirneirt, rìoghachd Dhè.

Ach na biodh strìopachas, agus gach uile neòghlaine, no sannt, uiread is air an ainmeachadh nur measg, mar as cubhaidh do naoimh:

Oir tha fhios agaibh air seo, nach eil aig fear-strìopachais air bith, no aig neach neòghlan, no aig duine sanntach (a tha na fhear iodhal-adhraidh), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd agus Dhè.

Cha mhò a mhiannaicheas tu bean do choimhearsnaich, cha mhò a shanntaicheas tu taigh do choimhearsnaich, a fhearann, no a òglach, no a bhanoglach, no a dhamh, no a asal, no nì air bith as led choimhearsnach.

Dealbhan snaidhte an diathan loisgidh sibh le teine: cha mhiannaich thu an t‑airgead no an t‑òr a tha orra, cha mhò a ghabhas tu e dhut fhèin, air eagal gun ribear thu leis: oir is gràinealachd e don Tighearna do Dhia.

Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.)

Uime sin claoidhibh ur buill a tha air an talamh, strìopachas, neòghlaine, fonn-collaidh, ana-miannan, agus sannt, nì as iodhal-adhradh;

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Nuair a chunnaic mi am measg na creiche earradh bhrèagha Bhàbilonach, agus dà cheud secel airgid, agus geinn òir anns an robh lethcheud secel de chudthrom, an sin shanntaich mi iad, agus ghabh mi iad; agus feuch, tha iad falaichte anns an talamh ann am meadhon mo bhùtha, agus an t‑airgead fodha.

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.

Carson matà nach d’èisd thu ri guth an Tighearna, ach a leum thu air a’ chreich, agus a rinn thu olc ann an sùilean an Tighearna?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan