Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Nach dèan cùl-chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach;

Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir.

Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.

Imichidh fear tuaileis mun cuairt a’ foillseachadh nithean diamhair; ach esan a tha fìrinneach na spiorad, ceilidh e nì.

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.

Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.

Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.

Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.

Cha dèan thu dìoghaltas, cha mhò a bhios falachd agad ri cloinn do shluaigh, ach gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: Is mise an Tighearna.

Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige.

Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

Agus chuir iad suas fianaisean brèige, a thubhairt, Chan eil an duine seo a’ sgur de labhairt bhriathran toibheumach an aghaidh an ionaid naoimh seo, agus an lagha.

Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun.

Cha mhò a bheir thu fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Do luchd-strìopachais, do luchd-ana-miannan mì‑nàdarra, do luchd-goid dhaoine, do bhreugairean, do luchd-eithich, agus ma tha nì sam bith eile a tha an aghaidh teagaisg fhallain,

Gun ghràdh nàdarra, nan luchd-brisidh coicheangail, tuaileasach, neo-gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,

Na labhraibh olc mu chèile, a bhràithrean. An tì a tha a’ labhairt uilc ma bhràthair, agus a’ toirt breith air a bhràthair, tha e a’ labhairt uilc mun lagh, agus a’ toirt breith air an lagh: ach ma tha thu a’ toirt breith air an lagh, chan fhear-coileanaidh an lagha thu, ach britheamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan