Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.
A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.
Thubhairt e seo, cha b’ann a chionn gu robh suim aige de na bochdan; ach a chionn gum bu ghadaiche e, agus gu robh an sporan aige, agus gun do ghiùlain e na nithean a chuireadh ann.
Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.
An tì a ghoid, na goideadh e nas mò: ach gum b’fheàrr leis saothair a dhèanamh, ag obrachadh an nì a tha math le a làmhan, a‑chum gum bi aige nì ri phàirteachadh ris an neach air a bheil uireasbhaidh.
Ma gheibhear duine a’ goid aon neach de a bhràithrean de chloinn Israeil, agus ma nì e aintighearnas air, no ma reiceas e e; an sin cuirear gu bàs an gadaiche sin; agus cuiridh tu olc air falbh as ur measg.
Gun neach air bith a dhèanamh eucoir no mealltaireachd anns a’ chùis air a bhràthair; do bhrìgh gur e an Tighearna a nì dìoghaltas air an uile leithidean sin, a rèir mar a dh’innis sinn mar an ceudna dhuibh roimhe, agus a rinn sinn fianais.