Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Na dèan adhaltranas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Chan eil neach anns an taigh seo as mò na mise; agus cha do chùm e uam nì sam bith ach thusa, a chionn gur tu a bhean: cionnas uime sin a nì mise an t‑olc mòr seo, agus a pheacaicheas mi an aghaidh Dhè?

Agus nuair a bha am bròn thairis, chuir Daibhidh fios oirre, agus thug e i a dh’ionnsaigh a thaighe, agus bha i na mnaoi aige, agus rug i mac dha: ach bha an nì a rinn Daibhidh olc ann an sùilean an Tighearna.

Agus cha laigh thu gu collaidh le mnaoi do choimhearsnaich, a‑chum thu fhèin a thruailleadh leatha.

Agus an duine a nì adhaltranas ri mnaoi fir eile, eadhon esan a nì adhaltranas ri mnaoi a choimhearsnaich, cuirear an t‑adhaltranach agus a’ bhan-adhaltranach gu cinnteach gu bàs.

Agus nach do rinn e aon fheòil dhiubh? Agus tha fuidheall an spioraid aige. Agus ciod a tha esan ag iarraidh? Sliochd diadhaidh. Uime sin, biodh faiceall agaibh air ur spiorad, agus na buineadh neach air bith gu fealltach an aghaidh bean a òige.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Ma thèid bean fir sam bith a thaobh, agus gun ciontaich i na aghaidh,

Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige.

Oir an nì seo, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na dèan fianais bhrèige, Na sanntaich; agus ma tha àithne sam bith eile ann, tha i air a cur sìos gu h‑aithghearr fon fhacal seo, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.

Cha mhò a nì thu adhaltranas.

Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Oir an tì a thubhairt, Na dèan adhaltranas, thubhairt e mar an ceudna, Na dèan mort. A‑nis ged nach dèan thu adhaltranas, gidheadh ma nì thu mort, rinneadh fear-brisidh an lagha dhìot.

Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.

Ach aig an dream sin a tha gealtach, agus mì‑chreidmheach, agus gràineil, agus aig luchd-mort, agus strìopachais, agus draoidheachd, agus iodhal-adhraidh, agus aig na h‑uile bhreugairean, bidh an cuibhreann anns an loch a tha a’ dearg-lasadh le teine agus pronnasg, nì as e an dara bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan