Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 20:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tabhair onair dod athair, agus dod mhàthair; a‑chum is gum bi do làithean buan air an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iòseph a‑mach iad o eadar a ghlùinean, agus chrom e e fhèin le a aghaidh gu làr.

Agus rinn a mhic dha mar a dh’àithn e dhaibh:

Chaidh Batsèba uime sin a dh’ionnsaigh rìgh Solamh, a labhairt ris airson Adoniah. Agus dh’èirich an rìgh suas na coinneamh, agus chrom e e fhèin dhi, agus shuidh e air a rìgh-chathair, agus thug e fa‑near cathair a chur sìos do mhàthair an rìgh; agus shuidh i air a làimh dheis.

Agus chunnaic Elisa sin, agus ghlaodh e, M’athair, m’athair, carbad Israeil, agus a mharc-shluagh! Agus chan fhaca e nas mò e: agus rug e air a aodach fhèin, agus reub e na dhà mhìr e.

Agus esan a bhuaileas a athair, no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Nì amadan tàir air teagasg a athar; ach is ciallach an tì a bheir an aire do achmhasan.

Is iad clann an cloinne coron sheann daoine; agus is iad an athraichean urram cloinne.

Ge bè mhallaicheas a athair, no a mhàthair, cuirear as a lòchran ann an duibhre dorchadais.

An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh.

Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram.

Tha ginealach ann a mhallaicheas an athair, agus nach beannaich am màthair.

An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.

Agus ri teaghlach nan Rechabach thubhairt Ieremiah, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, A chionn gun tug sibhse gèill do àithne Ionadaib ur n‑athair, agus gun do choimhead sibh a uile iarrtasan, agus gun do rinn sibh a rèir gach nì a dh’àithn e dhuibh;

Cha mhò a thogas sibh taigh, no a chuireas sibh sìol, no a shuidhicheas sibh fìonlios, no a bhios aon agaibh; ach fad ur n‑uile làithean nì sibh còmhnaidh ann am bùthan, a‑chum gum mair sibh mòran làithean anns an fhearann anns a bheil sibh nur coigrich.

Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.

Biodh eagal ur màthar agus ur n‑athar air gach duine agaibh, agus gleidhibh mo shàbaidean: Is mise an Tighearna ur Dia.

An làthair a’ chinn lèith èiridh tu suas, agus bheir thu urram do ghnùis an duine aosda, agus bidh eagal do Dhè ort: Is mise an Tighearna.

Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?

Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Gràdhaich do choimhearsnach mar thu fhèin.

Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mort, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Na dèan eucoir, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.

Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e.

Is aithne dhut na h‑àitheantan, Na dèan adhaltranas, Na dèan mortadh, Na goid, Na toir fianais bhrèige, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair.

Air dhuibh a bhith umhail da chèile ann an eagal Dhè.

Uime sin, gleidhidh sibh na h‑àitheantan sin uile a tha mi ag àithneadh dhuibh air an là‑an‑diugh, a‑chum gum bi sibh làidir agus gun tèid sibh a‑steach agus gun sealbhaich sibh am fearann, gus a bheil sibh a’ dol ga shealbhachadh;

Agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus mil.

Ma bhios aig duine mac reasgach agus ceannairceach, nach gèill do ghuth a athar, no do ghuth a mhàthar, agus nuair a smachdaicheas iad e, nach èisd riu:

Cothrom iomlan agus ceart bidh agad, soitheach-tomhais iomlan agus ceart bidh agad, a‑chum gum buanaichear do làithean anns an fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut.

Mallaichte gu robh esan a nì tàir air a athair no air a mhàthair: agus their an sluagh uile, Amen.

Oir cha nì dìomhain e dhuibh, a chionn gur e ur beatha e; agus leis an nì seo buanaichidh sibh ur làithean anns an fhearann a tha sibh a’ dol a‑null thar Iòrdan ga shealbhachadh.

Gairmeam nèamh agus talamh mar fhianais nur n‑aghaidh air an là‑an‑diugh, gun tig lèirsgrios oirbh gu h‑aithghearr as an fhearann a‑chum a bheil sibh a’ dol thar Iòrdan ga shealbhachadh: cha bhuanaich sibh ur làithean air, ach sgriosar sibh gu tur.

Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.

Tabhair urram dod athair agus dod mhàthair, mar a dh’àithn an Tighearna do Dhia dhut; a‑chum gum buanaichear do làithean, agus gun èirich gu math dhut, anns an fhearann a bheir an Tighearna do Dhia dhut.

Anns gach slighe a dh’àithn an Tighearna ur Dia dhuibh gluaisidh sibh, a‑chum gum bi sibh beò, agus gun èirich gu math dhuibh, agus gum buanaich sibh ur làithean anns an fhearann a shealbhaicheas sibh.

A‑chum gum biodh eagal an Tighearna do Dhia ort, gun gleidheadh tu a reachdan uile, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut, thu fhèin, agus do mhac, agus mac do mhic, uile làithean do bheatha, agus a‑chum gum buanaichear do làithean.

A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns na h‑uile nithean: oir tha seo taitneach don Tighearna.

Agus chaidh i sìos don ùrlar-bhualaidh, agus rinn i a rèir gach nì a dh’àithn a màthair-chèile dhi.

Agus chaidh Daibhidh as a sin gu Mispeh Mhòaib, agus thubhairt e ri rìgh Mhòaib, Thigeadh, guidheam ort, m’athair agus mo mhàthair a‑mach, agus biodh iad maille ribh, gus am bi fhios agam ciod a nì Dia air mo shon.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan