Ecsodus 20:10Am Bìoball Gàidhlig 1992Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan: Faic an caibideil |
Oir gach aon de thaigh Israeil, no de na coigrich a tha air chuairt ann an Israel a tha ga sgaradh fhèin uamsa, agus a’ cur suas iodhalan na chridhe, agus a’ cur ceap-tuislidh aingidheachd fa chomhair, agus a’ teachd a‑chum fàidh, a dh’fhiosrachadh dheth mum thimcheall-sa; bheir mise Iehòbhah freagradh dha leam fhèin.