Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Thoir an leanabh seo leat, agus altraim dhòmhsa e, agus bheir mi dhut do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altraim i e.
Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.