Ecsodus 2:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne. Faic an caibideil |
A tha a’ cur theachdairean air an fhairge, agus ann an eathraichean cuilce air aghaidh nan uisgeachan, ag ràdh, Imichibh, a theachdairean luatha, gu cinneach air a sgaoileadh a‑mach agus air a lomadh; gu sluagh uamhasach on toiseach gu ruige seo; gu cinneach air a thomhas a‑mach leis an t‑sreing, agus air a shaltairt sìos; aig a bheil a fhearann air a chreachadh leis an h‑aibhnichean.
An sin nuair a chunnaic Herod gun do rinn na draoidhean fanaid air, las e le feirg ro‑mhòir, agus chuir e luchd-millidh uaithe agus mharbh e na bha de leanaban-mac ann am Betlehem, agus anns na crìochan uile, o aois dhà bhliadhna agus fodha, a rèir na h‑aimsir a dh’fhòghlaim e gu dìcheallach o na draoidhean.