Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

33 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e ri Abram, Biodh fhios gu cinnteach agad gum bi do shliochd nan coigrich ann an dùthaich nach leo fhèin, agus nì iad seirbhis dhaibh; agus buinidh iad gu cruaidh riu ceithir cheud bliadhna;

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Agus gum fàs Abrahàm gu cinnteach na chinneach mòr agus cumhachdach, agus gum beannaichear annsan uile chinnich na talmhainn?

Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha agus thubhairt e, Na rach sìos don Eiphit: gabh còmhnaidh anns an tìr a dh’innseas mise dhut:

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:

Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob nas mò riut mar ainm, ach Israel: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia, agus ri daoine, agus thug thu buaidh.

Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.

Agus am fearann a thug mi do Abrahàm agus do Isaac, dhutsa bheir mi e; agus dod shliochd ad dhèidh bheir mi am fearann.

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;

Ach bha an Tighearna bàidheil riu, agus ghabh e truas riu, agus dh’amhairc e orra air sgàth a choicheangail ri Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, agus cha b’àill leis an sgrios, cha mhò a thilg e as a làthair iad gus a‑nis.

Na falaich do ghnùis uam ann an là mo theinn; aom do chluas rium anns an là air an gairm mi ort; èisd rium gu grad.

A chluinntinn osnaich a’ phrìosanaich, a‑chum fuasgladh orrasan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis;

Oir chuimhnich e a ghealladh naomh do Abrahàm, a sheirbhiseach.

Agus chuimhnich e dhaibh a choicheangal, agus ghabh e aithreachas a rèir lìonmhorachd a thròcairean.

Anns an là air an do ghlaodh mi riut, fhreagair thu mi; neartaich thu mi le treòir am anam.

Oir cha do rinn e tàir air, agus cha do ghabh e gràin de àmhghar an truaghain, agus cha d’fhalaich e a ghnùis air; ach nuair a ghlaodh e ris, dh’èisd e.

Riutsa ghlaodh iad, agus theasairgeadh iad; asadsa dh’earb iad, agus cha robh nàire orra.

Thigeadh osnaich a’ phrìosanaich ad làthair, a rèir meud do neirt; saor thusa iadsan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis.

Agus mar an ceudna chuala mi osnaich chloinn Israeil, a tha na h‑Eiphitich a’ cumail ann an daorsa; agus chuimhnich mi mo choicheangal.

Agus nuair a ghlaodh sinn ris an Tighearna, chuala e ar guth, agus chuir e aingeal uaithe, agus thug e a‑mach sinn as an Eiphit; agus, feuch, tha sinn ann an Cadeis, baile anns a’ chuid as iomallaiche ded chrìch.

Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Eiphit thu.

Agus nuair a thog an Tighearna suas dhaibh britheamhan, an sin bha an Tighearna leis a’ bhritheamh, agus shaor e iad à làimh an naimhdean, rè uile làithean a’ bhritheimh: oir ghabh an Tighearna truas dhiubh airson an osnaich o làthair na muinntir sin a rinn ainneart orra, agus a shàraich iad.

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan