Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh.

Agus a chaidh iad o chinneach gu cinneach, agus o rìoghachd gu sluagh eile;

Oir is coigrich sinne ad fhianais agus luchd-cuairt, mar ar n‑athraichean uile: mar fhaileas tha ar làithean air thalamh, agus chan eil buanas ann.

Is coigreach air thalamh mi; na ceil orm d’àitheantan.

Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna, agus èisd rim ghlaodh; rim dheòir na bi ad thosd; oir is coigreach mi maille riut, agus fear-cuairt, mar m’athraichean uile.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.

Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Eiphit.

Agus ghabh Maois a bhean agus a mhic, agus chuir e iad air asail, agus thill e do thìr na h‑Eiphit. Agus ghabh Maois slat Dhè na làimh.

Cha reicear am fearann gu bràth; oir is leamsa am fearann: oir is coigrich agus luchd-cuairt sibhse maille rium.

An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.

Agus chuir clann Dhain suas dhaibh fhèin an dealbh snaidhte: agus bha Ionatan mac Ghersoim mhic Mhanaseh, e fhèin agus a mhic, nan sagartan do threubh Dhain, gu ruig là braighdeanas na tìre.

Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan