Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha Maois toileach còmhnaidh a ghabhail maille ris an duine: agus thug e Siporah a nighean do Mhaois mar mhnaoi.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.

Agus thubhairt esan ra nigheanan, Agus càit a bheil e? Carson a dh’fhàg sibh an duine? Gairmibh air, a‑chum is gun ith e aran.

A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.

Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.

Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.

Agus labhair Miriam agus Aaron an aghaidh Mhaois airson na mnà o Etiopia, a phòs e; oir bha e air pòsadh mnà o Etiopia.

An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.

Ach is buannachd mhòr an diadhachd maille ri inntinn thoilichte.

A’ roghnachadh àmhghar fhulang maille ri sluagh Dhè, ro shòlas a’ pheacaidh a mhealtainn rè seal;

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Ach an duine saoibhir na ìsleachadh: do bhrìgh mar bhlàth an fheòir gun tèid e seachad:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan