Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac: agus nuair a chunnaic i gu robh e na leanabh tlachdmhor, dh’fhalaich i e rè trì mìosan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus bha e maille rithe am falach ann an taigh an Tighearna rè sia bliadhna: agus rìghich Ataliah os cionn na tìre.

Is math don duine a bhios truacanta agus coingheallach, a riaghlas a ghnothaichean gu ceart,

Agus ghabh Amram Iochebed, piuthar a athar, dha fhèin na mnaoi, agus rug i dha Aaron agus Maois: agus b’iad bliadhnachan beatha Amraim ceud agus seachd-bliadhna-deug ar fhichead.

Agus b’e ainm bean Amraim Iochebed, nighean Lèbhi, a rug a màthair do Lèbhi anns an Eiphit: agus rug i do Amram, Aaron, agus Maois, agus Miriam am piuthar.

Anns an àm sin rugadh Maois, agus bha e ro‑sgiamhach, agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:

Agus a‑thaobh nithean luachmhor na talmhainn, agus a làin, agus deagh-ghean an Tì sin a bha a chòmhnaidh anns a’ phreas: thigeadh am beannachd air ceann Iòseiph, agus air mullach a chinn-san a sgaradh o a bhràithrean.

Tre chreideamh nuair a rugadh Maois, dh’fhalaicheadh e trì mìosan le a phàrantan, do bhrìgh gum faca iad gum bu leanabh tlachdmhor e; agus cha robh eagal orra ro àithne an rìgh.

Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan