Agus nuair a chunnaic Iàcob Rachel nighean Làbain, bràthair a mhàthar, agus caoraich Làbain, bràthair a mhàthar, an sin chaidh Iàcob am fagas, agus charaich e a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Làbain, bràthair a mhàthar.
Agus nuair a chunnaic luchd-àiteachaidh na tìre, na Canàanaich, am bròn ann an ùrlar Ataid, thubhairt iad, Is doilgheasach am bròn seo do na h‑Eiphitich; uime sin thugadh Abel-misraim mar ainm air, a tha an taobh thall de Iòrdan.