A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.
Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.
Agus thubhairt Maois ri Hobab, mac Ragueil am Midianach, athair-cèile Mhaois, Tha sinn air ar turas a‑chum an àite mun dubhairt Dia, Bheir mi dhuibh e: thig thusa maille rinn, agus nì sinn math dhut: oir labhair an Tighearna math a‑thaobh Israeil.
Ach an duine a bhios neòghlan, agus nach glan e fhèin, gearrar an t‑anam sin as o mheasg a’ cho-chruinneachaidh, a chionn gun do thruaill e ionad naomh an Tighearna: cha do chrathadh uisge-dealachaidh air; tha e neòghlan.