Agus nuair a chunnaic Iàcob Rachel nighean Làbain, bràthair a mhàthar, agus caoraich Làbain, bràthair a mhàthar, an sin chaidh Iàcob am fagas, agus charaich e a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug e uisge do chaoraich Làbain, bràthair a mhàthar.
Agus chruinnicheadh a dh’ionnsaigh sin na treudan uile; agus charaich iad a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a‑rìs air beul an tobair na h‑àite fhèin.
Agus dh’amhairc e an taobh seo agus an taobh ud, agus nuair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e an t‑Eiphiteach, agus dh’fhalaich e anns a’ ghaineamh e.