Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge.
Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair.
Agus thug Phàraoh Saphnat-paaneah mar ainm air Iòseph; agus thug e dha Asenat, nighean Photipherah, sagart Oin, mar mhnaoi: agus chaidh Iòseph a‑mach air feadh uile thìr na h‑Eiphit.
Nuair a chuala Ietro, sagart Mhidiain, athair-cèile Mhaois, gach nì a rinn Dia airson Mhaois agus airson Israeil a shluagh, gun tug an Tighearna a‑mach Israel as an Eiphit;
Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.
A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair-cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh-cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb.
Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?