A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.
Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge.
Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair.
Agus dh’èirich iad à Midian, agus thàinig iad gu Paran, agus thug iad daoine leo à Paran, agus thàinig iad don Eiphit, gu Phàraoh rìgh na h‑Eiphit; agus thug esan dha taigh, agus dh’òrdaich e lòn dha, agus thug e fearann dha.
Agus nuair a nì iad geur-leanmhainn oirbh anns a’ bhaile seo, teichibh gu baile eile; oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach imich sibh air feadh bhailtean Israeil mun tig Mac an Duine.
A‑nis bha tobar Iàcoib an sin. Uime sin air do Iosa a bhith sgìth le a thuras, shuidh e mar sin làimh ris an tobar; agus bha e mu thimcheall na siathamh uaire.
Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.