Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abraim ri Lot, Na biodh, guidheam ort, còmhstri eadar mise agus thusa, agus eadar mo bhuachaillean-sa agus do bhuachaillean-sa; oir is bràithrean sinn.

Agus thubhairt iadsan, Seas air d’ais. Agus thubhairt iad a‑rìs, Thàinig am fear seo na aonar air chuairt, agus is àill leis a bhith na bhritheamh: a‑nis buinidh sinne riutsa nas miosa na riùsan. Agus rinn iad èiginn mhòr air an duine, eadhon air Lot, agus thàinig iad am fagas a bhriseadh an dorais.

Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile, a chionn gun do thruaill iad am piuthar.

Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

An nì beag e gun tug thu a‑nìos sinn à talamh a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil, gar marbhadh anns an fhàsach, mura dèan thu thu fhèin gu h‑iomlan ad uachdaran os ar cionn?

Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna?

Agus nuair a thàinig e don teampall, thàinig na h‑àrd-shagartan agus seanairean a’ phobaill da ionnsaigh, agus e a’ teagasg, ag ràdh ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thusa a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug an cumhachd seo dhut?

Agus thubhairt e ris, A dhuine, cò a chuir mise am bhritheamh no am fhear-roinn os ur cionn?

Agus bha fuath aig muinntir a dhùthcha dha, agus chuir iad teachdaireachd na dhèidh, ag ràdh, Chan àill leinn an duine seo a bhith na rìgh oirnn.

Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.

Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear-saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas.

Tre chreideamh thrèig e an Eiphit, gun eagal a bhith air ro chorraich an rìgh: oir bha e làidir na inntinn, mar neach a bha a’ faicinn an Tì a tha neo-fhaicsinneach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan