Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Uime sin chuir iad maighistirean-obrach orra, a‑chum an sàrachadh len eallaichean. Agus thog iad bailtean-ionmhais do Phàraoh, Pitom agus Rameses.

Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Eiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean-obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas.

Agus bhuaileadh luchd-riaghlaidh chloinn Israeil a chuir maighistirean-obrach Phàraoh os an cionn, agus dh’fhiosraicheadh dhiubh, Carson nach do choilean sibh ur n‑obair chumte ann an dèanamh chlachan-creadha, araon an‑dè agus an‑diugh, mar a rinn sibh roimhe?

Agus thubhairt rìgh na h‑Eiphit riu, Carson a tha sibhse, a Mhaois agus Aaroin, a’ toirt air an t‑sluagh sgur on obraichean? Rachaibh a‑chum ur n‑eallaichean.

Agus thubhairt Phàraoh, Feuch, tha sluagh na tìre a‑nis lìonmhor, agus tha sibhse a’ toirt orra a bhith nan tàmh on eallaichean.

Cuirear an obair nas truime air na daoine, a‑chum is gun saothraich iad innte: agus na earbadh iad à briathran dìomhain.

Uime sin, abair ri cloinn Israeil, Is mise an Tighearna, agus bheir mi sibh a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach, agus saoraidh mi sibh on daorsa; agus fuasglaidh mi sibh le gàirdean sìnte a‑mach, agus le breitheanais mhòra.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Nach e seo an trasg a tha mise a’ roghnachadh: cuibhrichean na h‑aingidheachd a sgaoileadh, na h‑uallaichean troma a lasachadh, agus a’ mhuinntir shàraichte fhuasgladh; agus gach uile chuing a bhriseadh?

Thigibh am ionnsaigh-sa, sibhse uile a tha ri saothair, agus fo throm uallaich, agus bheir mise suaimhneas dhuibh.

Tha Spiorad an Tighearna orm, do bhrìgh gun d’ung e mi a shearmonachadh an t‑soisgeil do na bochdan; chuir e mi a shlànachadh na muinntir aig a bheil an cridhe briste, a ghairm fuasglaidh do na braighdean, agus aiseag am fradhairc do na doill, a thoirt saorsa don mhuinntir a tha brùite,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan