Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh iad a‑mach gu fàsach Thecòa: agus nuair a bha iad a’ dol a‑mach, sheas Iehosaphat agus thubhairt e, Eisdibh riumsa, a Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Creidibh anns an Tighearna ur Dia, agus daingnichear sibh; creidibh a fhàidhean, agus soirbhichidh sibh.

An sin thubhairt Solamh, Thubhairt an Tighearna gun gabhadh e còmhnaidh ann an dorchadas tiugh.

Tha neòil agus dorchadas ma thimcheall; is iad ceartas agus breitheanas àite-còmhnaidh a rìgh-chathrach.

Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh.

Agus chunnaic Israel an obair mhòr sin a rinn an Tighearna air na h‑Eiphitich, agus bha eagal an Tighearna air an t‑sluagh, agus chreid iad an Tighearna agus Maois a sheirbhiseach.

Agus nuair a thàinig an treas là, anns a’ mhadainn bha tàirneanaich agus dealanaich ann, agus neul tiugh air an t‑sliabh, agus fuaim na trompaid ro‑àrd: agus chriothnaich an sluagh uile a bha anns a’ champ.

Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus sheas e maille ris an sin; agus ghairm e air ainm an Tighearna.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

A‑chum is gun creid iad gun d’fhoillsich an Tighearna, Dia an athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, e fhèin dhut.

Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.

Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann am meall neòil, agus sheas e ann an doras a’ phàillein, agus ghairm e air Aaron agus Miriam: agus thàinig iad le chèile a‑mach.

Air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thilg neul soillseach sgàil orra: agus, feuch, guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd: èisdibh ris.

Agus thàinig neul a chuir sgàil orra, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach-sa, èisdibh ris.

Esan a dh’èisdeas ribhse, èisdidh e riumsa: agus esan a dhiùltas sibhse, tha e gam dhiùltadh-sa: agus an neach a dhiùltas mise, tha e a’ diùltadh an tì a chuir uaithe mi.

Gu h‑àraidh an là a sheas thu an làthair an Tighearna do Dhia ann an Hòreb, nuair a thubhairt an Tighearna riumsa, Tionail thugam an sluagh ri chèile, agus bheir mi orra mo bhriathran a chluinntinn, a‑chum gum fòghlaim iad eagal a ghabhail romham rè nan uile làithean a bhios iad beò air an talamh, agus gun teagaisg iad an clann.

A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.

Feuch, tha e a’ teachd le neòil; agus chì gach sùil e, agus iadsan mar an ceudna a lot e; agus nì uile threubhan na talmhainn caoidh air a shon-san: guma h‑amhlaidh a bhitheas. Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan