Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh sibh dhòmhsa nur rìoghachd shagart, agus nur cinneach naomh. Is iad sin na briathran a labhras tu ri cloinn Israeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Agus tha d’òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach eil e an comas àireamh no a mheas aig an lìonmhorachd.

Oir dhealaich thu iad a‑chum oighreachd dhut fhèin o uile shluagh na talmhainn, mar a labhair thu le làimh Mhaois, d’òglach fhèin, nuair a thug thu ar n‑athraichean a‑mach as an Eiphit, a Thighearna Dhè.

Oir rinn thu do shluagh Israel nan sluagh dhut fhèin gu bràth; agus tha thusa, a Thighearna, ad Dhia aca.

Bha Iùdah dha mar a chòmhnaidh naomh, Israel mar a thighearnas.

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Agus bidh sibh nur daoine naomha dhòmhsa, agus feòil sam bith a reubadh le fiadh-bheathaichean anns a’ mhachair, chan ith sibh: a‑chum nan con tilgidh sibh i.

Agus nì thu leac de òr fìorghlan, agus gearraidh tu oirre, cosmhail ri gearradh seula, NAOMHACHD DON TIGHEARNA.

A chionn gu robh thu luachmhor ann am shealladh, fhuair thu urram, agus thug mise gràdh dhut; uime sin bheir mi daoine air do shon, agus slòigh an èirig d’anama.

Ach goirear dhibhse Sagartan an Tighearna; Luchd-frithealaidh ar Dè‑ne theirear ribh; saoibhreas nan cinneach ithidh sibh, agus nan glòir nì sibh uaill.

Agus theirear riu, An sluagh naomh, muinntir shaorte an Tighearna; agus riutsa theirear, Miannaichte, cathair nach trèigear.

Agus dhiubhsan mar an ceudna gabhaidh mi, airson shagart, agus airson Lèbhitheach, deir an Tighearna.

Oir mar a dhlùth-leanas an crios ri leasraidh duine, mar sin thug mise air taigh Israeil uile, agus air taigh Iùdah uile, dlùth-leantainn riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum biodh iad dhomh mar shluagh, agus mar ainm, agus mar chliù, agus mar ghlòir: ach chan èisdeadh iadsan.

Is naomhachd don Tighearna Israel, ciad-thoradh a chinneis: iadsan uile a tha ga shlugadh suas, measar iad ciontach; thig aimhleas orra, deir an Tighearna.

Ach an nì seo dh’àithn mi dhaibh, ag ràdh, Thugaibh gèill dom ghuth, agus bidh mise am Dhia dhuibh-se, agus bidh sibhse nur sluagh dhòmhsa; agus gluaisibh anns na h‑uile shlighean a dh’àithn mi dhuibh, a‑chum gun èirich gu math dhuibh.

Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.

Ach thubhairt mi ribhse, Sealbhaichidh sibh am fearann, agus bheir mi dhuibh e a‑chum a shealbhachadh, fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil: Is mise an Tighearna ur Dia, a dhealaich sibhse o gach sluagh eile.

Agus bidh sibh naomh dhòmhsa: oir tha mise an Tighearna naomh, agus dhealaich mi sibhse o gach sluagh eile, a‑chum is gum bu leam fhèin sibh.

Ach an taobh a‑staigh den roinn-bhrat cha tèid e, cha mhò a thig e am fagas don altair, a chionn gu bheil gaoid ann; a‑chum nach truaill e m’ionadan naomha: oir tha mise an Tighearna gan naomhachadh.

Is sibhse a‑mhàin air an do ghabh mi eòlas de uile theaghlaichean na talmhainn: uime sin smachdaichidh mi sibh airson ur n‑uile lochdan.

A rèir an fhacail a dhaingnich mi ribh nuair a thàinig sibh a‑mach as an Eiphit, mar sin tha mo spiorad a’ fantainn nur measg: na biodh eagal oirbh.

Agus chruinnich iad iad fhèin an ceann a chèile an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, agus thubhairt iad riu, Tha sibh a’ gabhail tuilleadh is a chòir oirbh fhèin, do bhrìgh gu bheil an co‑chruinneachadh uile naomh gach aon dhiubh, agus tha an Tighearna nam measg: carson uime sin a tha sibh gur togail fhèin suas os cionn co‑chruinneachadh an Tighearna?

Air an adhbhar sin guidheam oirbh, a bhràithrean, tre thròcairean Dhè, ur cuirp a thoirt nam beò-ìobairt, naoimh, thaitnich do Dhia, nì as e ur seirbhis reusanta.

Ma thruailleas neach air bith teampall Dhè, sgriosaidh Dia an tì sin: oir tha teampall Dhè naomh, agus is sibhse e.

Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Agus a‑chum gun dèanadh e àrd thu os cionn nan uile chinneach a rinn e, ann an cliù, agus ann an ainm, agus ann an urram; agus a‑chum gum biodh tu ad shluagh naomh don Tighearna do Dhia, mar a labhair e.

Daingnichidh an Tighearna thu ad shluagh naomh dha fhèin, mar a mhionnaich e dhut, ma ghleidheas tu àitheantan an Tighearna do Dhia, agus ma ghluaiseas tu na shlighean.

Oir is sluagh naomh don Tighearna do Dhia thusa: thagh an Tighearna do Dhia thu gu bhith ad shluagh àraidh dha fhèin, os cionn gach sluaigh a tha air aghaidh na talmhainn.

Tha mi a’ sparradh oirbh à uchd an Tighearna gun leughar an litir seo do na bràithrean naomha uile.

Tha sibhse mar an ceudna mar chlachan beò air ur togail suas nur taigh spioradail, nur sagartachd naomh, a‑chum ìobairtean spioradail a thoirt suas, taitneach do Dhia tre Iosa Crìosd.

Ach is ginealach taghte sibhse, sagartachd rìoghail, cinneach naomh, sluagh sònraichte; a‑chum gun cuireadh sibh an cèill feartan an Tì a ghairm à dorchadas sibh a‑chum a sholais iongantaich fhèin:

Agus a rinn rìghrean dhinn agus sagartan do Dhia agus da Athair-san; dhàsan gu robh glòir agus cumhachd gu saoghal nan saoghal. Amen.

Is beannaichte agus is naomh an tì aig a bheil cuid anns a’ chiad aiseirigh: orra seo chan eil cumhachd aig an dara bàs; ach bidh iad nan sagartan do Dhia, agus do Chrìosd, agus rìoghaichidh iad maille ris mìle bliadhna.

Agus gun do rinn thu rìghrean dhinn agus sagartan dar Dia: agus rìghichidh sinn air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan