Ecsodus 19:5Am Bìoball Gàidhlig 1992A‑nis matà, ma dh’èisdeas sibh da‑rìribh rim ghuth, agus ma ghleidheas sibh mo choicheangal, an sin bidh sibh dhòmhsa nur n‑ionmhas sònraichte os cionn nan uile shluagh: oir is leamsa an talamh uile. Faic an caibideil |
Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.
Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.