Ach iadsan a dh’fheitheas air an Tighearna, gheibh iad spionnadh nuadh; èiridh iad suas mar iolair air a sgiathan; ruithidh iad agus cha bhi iad sgìth, siùbhlaidh iad agus chan fhàs iad fann.
Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.
Nach eil aon athair againn uile? Nach aon Dia a chruthaich sinn? Cuime a bheil sinn a’ buntainn gu fealltach, gach duine an aghaidh a bhràthar, le bhith a’ briseadh coicheangal ar n‑athraichean?
Agus anns an fhàsach, far am faca tu cionnas a ghiùlain an Tighearna do Dhia thu, mar a ghiùlaineas duine a mhac, anns an t‑slighe sin uile air an deachaidh sibh, gus an tàinig sibh don àite seo.
Is iad sin briathran a’ choicheangail a dh’àithn an Tighearna do Mhaois a dhèanamh ri cloinn Israeil, ann an tìr Mhòaib, a thuilleadh air a’ choicheangal a rinn e riu ann an Hòreb.
Agus thug Maois gairm do Israel uile, agus thubhairt e riu, Chunnaic sibh gach nì a rinn an Tighearna fa chomhair ur sùl ann an tìr na h‑Eiphit, ri Phàraoh, agus ra sheirbhisich uile, agus ra fhearann uile;
A‑mhàin thoir an aire dhut fhèin, agus glèidh d’anam gu dìcheallach, air eagal gun dìochuimhnich thu na nithean sin a chunnaic do shùilean, agus air eagal gun dealaich iad rid chridhe uile làithean do bheatha; ach teagaisg iad dod mhic, agus do mhic do mhac:
Agus don mhnaoi thugadh dà sgèith iolair mhòir a‑chum gun rachadh i air itealaich leo don fhàsach, a‑chum a h‑ionaid fhèin; far a bheil i air a h‑altram rè aimsir, agus aimsirean, agus leth-aimsir, o aghaidh na nathrach.