Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 19:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.

Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.

Agus dh’èirich Maois suas, agus Iosua a òglach: agus chaidh Maois suas do shliabh Dhè.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

Agus shnaidh e dà chlàr chloiche, cosmhail ris na ciad chlàir; agus dh’èirich Maois suas gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e suas do shliabh Shinài, mar a dh’àithn an Tighearna dha, agus thug e leis na làimh an dà chlàr chloiche.

Agus ghairm an Tighearna air Maois, agus labhair e ris à pàillean a’ choitheanail, ag ràdh.

Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina, agus maille ri ar n‑athraichean-ne: neach a fhuair briathran na beatha a‑chum an toirt dhuinne:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan